Cuir thugainn faidhlichean sa bhad leis an t-seirbheis 'upload'

photo of a tree

Seirbheis Eadar-theangachaidh

Gheibhear le Facal sàr sheirbheis eadar-theangachaidh eadar Beurla agus a’ Ghàidhlig, air a toirt seachad le eadar-theangairean le eòlas mòr farsaing air sgrìobhadh agus labhairt na Gàidhlig.

Tha an t-eadar-theangachadh sgrìobhte a-rèir GOC2, dèanta an stoidhle a tha sibh fhèin a’ sireadh.

  • eadar-theangachadh maraon airson choinneamhan is cho-labhairtean
  • sàr sheirbheis eadar-theangachadh sgrìobhte eadar Beurla agus a’ Ghàidhlig
  • sgrìobhainnean corporra, aithisgean bliadhnail, aithisgean sgrùdaidh
  • Soidhnichean, stuth cho-labhairtean, duilleagan làrach-lìn, fiosan naidheachd, fo-thiotalan

Tha sinn ro-thoilichte dèiligeadh ri obair sam bith bho bhuidhnean mòra, companaidhean prìobhaideach is poblach no bho dhaoine fa leth, agus an obair fhaighinn air ais thugaibh cho luath agus a dh’fheumas.

Gheibhear le Facal, eadar-theangachaidh dèanta an dòigh a tha a’ freagairt air gnè na h-obrach agus an Gàidhlig a tha so-thuigsinn is so-leughadh le Gàidheil.

Prìs Eadar-theangachaidh

Is prìs na seirbheis eadar-theangachaidh £9 air 100 facal, ach airson prìs dhèarbhte feuchaidh is cuiribh thugainn fios an seo. Faodaidh nithean leithid speisealachas na h-obrach air neo ùine ga faighinn air ais thugaibh.





"...Chaidh an eadar-theangachadh a dhèanamh ann an dòigh gu math mionaideach agus tha mi nur comain airson a bhith cho dèonach ga dhèanamh anns a’ chruth a dh’ iarr mi. Tha mi air a bhith gur moladh gu luchd-rannsachaidh eile agus tha mi a’ coimhead air adhart ri obair còmhla san àm ri teachd!"

-M NicLeòid, Neach-rannsachaidh Sòisealta
Oilthigh Obar Dheathain