Cuir thugainn faidhlichean sa bhad leis an t-seirbheis 'upload'

photograph of alasdair teaching

Seirbheisean Eile

Teagasg

Tha aig Facal dithis luchd-teagaisg air an treànadh san dòigh-theagaisg ‘Ùlpan’, agus bhiodh sinn ro-thoilichte treànadh Ùlpain thoirt seachad gu cunbhalach air feadh Cheann a Tuath na Gàidhealtachd air neo airson chùrsaichean fad seachdain nas fhaide air falbh. Airson an tuilleadh fiosrachaidh mu Ùlpan, theirigibh gu http://www.iletec.co.uk/clinew/ulpan.asp.

Tha e cuideachd comasach dhuinne teagasg is stiùireadh a thoirt dhuibh air sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus/air neo ann an Gràmar na Gàidhlig.

Planaichean Gàidhlig

Tha a’ chompanaidh fortanach gu bheil againn neach-obrach le mòran eòlais air deasachadh agus cur an gnìomh Phlanaichean Gàidhlig aig buidhnean poblach. Tha e comasach dhuinne stiùireadh a thoirt seachad air gach eileamaid de dheasachadh agus cur an sàs nan Planaichean, le stiùireadh air:

  • mion-fhiosrachadh agus buaidh Achd na Gàidhlig agus Phlana Nàiseanta na Gàidhlig
  • cumail rannsachaidh air ìre de sgilean Gàidhlig ann am buidhnean mòr, sgapte
  • lìbhrigeadh no co-òrdanaicheadh sheiseanan togail aire mun Ghàidhlig ann am buidhnean
  • deasachadh Phlanaichean Gàidhlig a-rèir stiùiridh bho Bhòrd na Gàidhlig
  • cumail cho-chomhairlean poblach air Phlanaichean Gàidhlig

Tha sinn a’ gealladh Plana Gàidhlig a dhealbhachadh a tha freagairt air an dà chuid feuman bhur buidhne fhèin agus feuman Bhòrd na Gàidhlig.

Tha sinn cuideachd ro-dheònach ceartachadh, deasachadh agus cruthachadh teacs sam bith air no an Gàidhlig.





"Teaching adults is not always an easy task and teaching teachers is surely up there as a challenge for anyone but Alasdair has done it with great ease. I would have no hesitation in recommending Alasdair, for his professionalism and talent as a tutor.”

-Marlene Shaw
North West Training Centre, Kinlochbervie.