Cuir thugainn faidhlichean sa bhad leis an t-seirbheis 'upload'

Seirbheis Tar-sgrìobhaidh

Tar-sgrìobhadh luath, earbsach is mionaideach sa Bheurla no Ghàidhlig.

  • Seirbheis tar-sgrìobhaidh acadaimigeach
  • Buidhnean fòcais is co-labhairtean
  • Òraidean
  • Prògraman telebhisein is Rèidio
  • Clàraidhean thasglann

Tha eòlas mòr farsaing againn air diofar dhualchainnt is bhlas le eòlas air leth air
tar-sgrìobhadh agallamhan rannsachaidh.

Thèid prìs a chur air an obair a-rèir cia mheud mionaid a th’ innte ach am bith fios agaibh ro làimh dè na tha i dol a chosg. Gheibhear lughdachadh sa phris air cùmhnantan mòra. Cuiribh thugainn fios an seo airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Prìsean Tar-sgrìobhaidh

Tha prìsean a rèir cia mheud mionaid a th’ anns na clàraidhean, air an tar-sgrìobhadh mar *intelligent verbatim.


Gnè (Beurla)Prìs air a’ mhionaid
Agallamh dithis (aon-aon) £0.95
Agallamh dithis fòna £1.05
Agallamh buidhinn (3 neo barrachd) £1.25
Agallamh buidhinn (10 neo barrachd) £1.50
Feadhainn Ghàidhlig + £0.30 air na prìsean

Cuiribh thugainn fios mu ghnè clàraidh sam bith eile.

* Tha na prìsean seo uile airson chlàraidhean soilleir, didsiotach air an tar-sgrìobhadh ‘intelligent verbatim’, le mabach, stadachdan agus a leithid air fhàgail às.

Airson tar-sgrìobhadh ‘facal air an fhacal’ cuiribh 10p air a’ phrìs sa mhionaid.

Airson chlàraidhean far a bheil e duilich dèanamh a-mach na thathas ag ràdh, faodaidh gun iarr sinn beagan a bharrachd air a’ phrìs, ach thèid seo aontachadh ro làimh. Cuiribh fios an seo airson prìs na h-obrach.