Obrachadh Còmhla

Cruth nam Faidhlichean

Tha sinn ro-dheònach obrachadh le gnè faidhlichean claistinneach no sgrìobhaidh an cruth (cumanta) sam bith.

Tha sinn cuideachd deònach obrachadh le clàraidhean air teip no air ‘mini-disk’, ach bi againn rin cur an cruth didsiotach le £20 airson gach fear aca.

Gheibh sibh air faidhlichean a chur thugainn an seo, air neo tron phost gun t-seòladh seo.

’S ann air post-dealain a gheibh sibh an obair air ais agus i deiseil.

Thèid faidhlichean tar-sgrìobhaidh a dhèanamh san aon dòigh sa chìthear an seo, mur h-eil eileas air cruth eile aontachadh ro làimh.

Gheibhear faidhlichean eadar-theangachaidh air ais an cruth MS Word air neo an cruth na sgrìobhainn Beurla.

Tilleadh Obrach Eadar-theangachadh

Tha ùine ar n-obrach a-rèir ur ceann-latha fhèin.

Ma ’s e agus gur cùmhnant mòr a th’ ann le iomadh phìosan-obrach, gheibh sinn air faidhlichean fa leth a thoirt dhuibh air ais sa bhad, mar a chì sibh iomchaidh.

Pàigheadh

Gheibh sibh fàirdeal aon uair is gu bheil an obair deiseil.

Is e ‘BACS transfer’ an dòigh pàighidh is docha leinn.

Bhitheamaid nur comain nan deigheadh ar pàigheadh taobh a-staigh 28 là bhon deat air an fhairdeal.

Airson gnothaichean pàighidh a dhèanamh nas fhasa, thèid meud nam faidhlichean claistinneach a dhèanamh an àrd gu ruige na h-ath mhionaid slàn.

Tèarainteas agus Dìomhaireachd

Chan eil càil idir cho cudromach dhuinne ach dìomhaireachd ur n-obrach. Tha poileasaidh dìomhaireachd againn aig Facal agus bhitheamaid toilichte leth-bhreac thoirt dhuibh, air neo ar n-ainm a chur ri aontachadh dìomhaireachd mar a thèid iarraidh oirnn.

Tha sinn a’ cur às do fhaidhlichean, co-dhiù, mìos às dèidh dhan obair a bhi dèanta. Faodaidh na leth-bhric dhe na faidhlichean; faidhlichean didsiotach no pàipear, a chur air ais thugaibh air ur toil fèin.





“I really appreciate the professional and expedient service I have received from you. The Gaelic and English transcription was intelligently accurate and I appreciate how flexible you were in accommodating my specific format requirements.”

-Marsaili MacLeod, Social Researcher
University of Aberdeen