Cuir thugainn faidhlichean sa bhad leis an t-seirbheis 'upload'

Mu ar deidhinn

Alasdair MacLeòid

photograph of Alasdair translating and transcribing

Buinidh Alasdair do dh’Eilean Leòdhais, agus bha esan mar an ceudna na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Chuir Alasdair mòran bhliadhnachan seachad mar Phrìomh Mhanaidsear Poileasaidh na Gàidhlig aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, far an robh e aig ceann ghnothaichean co-cheangailte ri deasachadh agus cur an gnìomh Phlana Ghàidhlig na buidhne.

Tha àrd-ìre de sgilean sgrìobhaidh aig Alasdair sa Ghàidhlig agus tha e air seirbheis eadar-theangachadh a thoirt seachad gu ruige seo, do bhuidhnean leithid: Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Coimisean na Coilltearachd Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig cho math ri Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Tha Alasdair cuideachd na neach-teagaisg Ùlpain.





"...Their professionalism, enthusiasm and efficiency are a very considerable asset to any job... We would be quite simply lost without them..."

- Dr Issie MacPhail
Assynt Research & Consultancy and The Mackay Country Project